- Publication Date |
- Dec 18, 2016
- Episode Duration |
- 00:56:11
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Anns a' phrògram seo, cluinnear criomagan à tasglann Radio nan Gàidheal le mìneachadh air cuid de na puingean cànain a tha a' togail ceann annta, bidh an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair agus bidh Ruairidh MacIlleathain a' toirt sùil air cuid de na h-ainmean àite a tha a' nochdadh air mapaichean na h-Alba.
Cuideachd sa phrògram, bidh Iain a' coinneachadh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Jocelyn Miller, 's a' cluinntinn mu a roghainnean ciùil agus bidh Catrìona Mhoireach a' toirt thugaibh Blasad Beag, beagan Gàidhlig shìmplidh airson luchd-tòiseachaidh.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. In this week's programme, beginners of the language can enjoy Blasad Beag, a bite-sized lesson in which Catriona Murray shares simple, everyday Gaelic.
For more advanced learners, grammar help is on hand from the programme's resident expert Dr Michel Byrne, and Roddy Maclean takes a closer look at some of Scotland's Gaelic placenames.
This week's programme also features BBC archive material to illustrate some of the complexities of the language and an interview with learner of the week, Jocelyn Miller, who shares her experience of learning the language.