Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of the Gaelic language, dialects, idioms and sayings. In this week's programme, Catriona Murray introduces beginners to some conversational Gaelic and Linda Macleod shares common phrases and vocabulary that can be used in everyday situations. More advanced learners can benefit from grammar advice from resident expert Dr Michel Byrne, as well as an insight into some of the vocabulary and useful phrases that can be heard in a recent Gaelic news story. Also in this week’s programme, Ishbel Murray chats to student Michelle Otto, who shares her experience of learning Gaelic.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Anns a' phrògram an-diugh, bidh Catrìona Mhoireach a’ toirt seachad beagan Gàidhlig shìmplidh airson luchd-tòiseachaidh agus bidh Linda NicLeòid a’ toirt sùil air abairtean agus faclan feumail a ghabhas cleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean. Airson luchd-ionnsachaidh a tha aig ìre nas adhartaiche, bidh cothrom ann èisteachd ri criomag à tasglann Radio nan Gàidheal, le mìneachadh air cuid de na puingean cànain a tha a’ togail ceann innte; bidh an t-eòlaiche againn, an t-Ollamh Michel Byrne a’ cur a’ phròsbaig air gràmair; agus bidh sinn a’ toirt sùil air aithris naidheachd Ghàidhlig a chualas bho chionn ghoirid, agus air cuid de na h-abairtean agus na faclan a tha a’ nochdadh innte. Cluinnear cuideachd còmhradh eadar Iseabail Mhoireach agus neach-ionnsachaidh na seachdain, Michelle Otto às a' Ghearmailt.